| Fèisean Dràma airson Rèidio / Radio Drama Fèisean | |
| Description: | Fèisean Dràma airson Rèidio: Thèid sreath de dhealbhan-cluiche ùra Gàidhlig a chaidh an clàradh le buidhnean de sgoilearan à Dùn Èideann, Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist a chraoladh cha mhòr gach seachdain eadar 16 Iuchar agus 24 Sultain air BBC Radio nan Gàidheal. Tha na dealbhan-cluiche nan toradh air sreath bhùthan-obrach a lìbhrig Fèisean nan Gàidheal, le taic bho BBC Radio nan Gàidheal agus Comhairle nan Eilean Siar, anns na sgìrean Iomairt Cànain a leanas: Iar Thuath Leòdhais, Iochdar Thròdairnis, Dùn Èideann agus Uibhist a Deas. Thòisich am pròiseact anns an t-Samhain 2009 agus thug e cothrom don luchd-compàirt eòlas a chur air an dòigh anns a bheil dràma airson rèidio air a chruthachadh, le bhith ag ionnsachadh mar a ghabhas sgriobt a sgrìobhadh, mu sgilean clàraidh agus gearraidh agus mar a ghabhas fuaimean sònraichte a chruthachadh. Tha sgioba riochdachaidh Aileag air a bhith a’ toirt taic don phròiseact le bhith a’ cumail fios don luchd-èisteachd air na bha a’ tachairt anns na bùthan-obrach, agus chlàraich iad na dealbhan-cluiche aig gach sgoil cuideachd. Bha Aileag uabhasach toilichte pàirt a ghabhail sa phròiseict aig Fèisean nan Gàidheal. Thuirt riochdaire Aileag, Karen Mhoireasdan, “ ‘S e cothrom air leth a bh' ann dhan sgioba dràma a thoirt gu rèidio agus thathar an dòchas gum bi cothrom ann seo a dhèanamh a-rithist. Rinn a' chlann an t-uabhas obair agus bha e follaiseach gu bheil tòrr tàlant nam measg. Tha sinn a-nis a' coimhead air adhart ri amas a' phròiseict a chluinntinn air an aidhear.” Tha Aileag air a chraoladh air BBC Radio nan Gàidheal gach Dihaoine aig 4f le ath-chraoladh ann Disathairne aig 12f. Bidh cothroman eile ann èisteachd ri na dealbhan-cluiche cuideachd, air an eadar-lìon mar ‘podcast’ no air CD far a bheilear an dùil co-chruinneachadh de na dealbhan-cluiche uile a dhèanamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseact no cinn-latha craolaidh nan dealbhan-cluiche cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid 01463 225 559 angus@feisean.org Radio Drama Fèisean:A series of new Gaelic radio plays performed by school groups from Edinburgh, Lewis, Skye and the Uists will be broadcast almost every week between 16 July and 24 September on BBC Radio nan Gàidheal. The plays are the culmination of a series of workshops delivered by Fèisean nan Gàidheal, with support from BBC Radio nan Gàidheal and Comhairle nan Eilean Siar, in the Gaelic Language Initiative areas of North West Lewis, Trotternish, Edinburgh and South Uist. The pilot project, which began in November 2009, introduced participants to the creative process involved in the production of a radio play and included workshops focusing on script-writing, recording and editing techniques, and sound effects production. Radio nan Gàidheal’s youth programme Aileag has supported the project by updating listeners with news of the skills participants were learning, and recording the plays at each of the schools. Aileag were very happy to be involved with the project. Aileag’s producer, Karen Morrison, said “This was an excellent opportunity for the team to get drama on the radio and it’s hoped that there will be an opportunity to repeat this in the future. The children put in a lot of effort and the talent amongst them really shone through and we’re looking forward to hearing their work on air.” Aileag is broadcast on BBC Radio nan Gàidheal every Friday at 4pm and repeated on Saturday at 12 noon. There will also be other opportunities to listen to the plays, online as a podcast and as a compilation on CD. For more information about the project, and specific broadcast dates for the plays, contact Angus Macleod on 01463 225559 or angus@feisean.org |
| Open: |
Friday Jul 16th 2010 until Saturday Sep 25th 2010 12:00 - 16:00 Fri Sat N.B. Tha Aileag air a chraoladh air BBC Radio nan Gàidheal gach Dihaoine aig 4f le ath-chraoladh ann Disathairne aig 12f.
Aileag is broadcast on BBC Radio nan Gàidheal every Friday at 4pm and repeated on Saturday at 12 noon. |
| Web: | |
| Event Contact: |
Angus Macleod 01463 225559 angus@feisean.org |
| Radio program - BBC Radio nan Gàidheal | |
| Description: | |
| Address: |
Radio program - BBC Radio nan Gàidheal
|
| Venue Contact: | |
| Web: | |